Tillidh Mi Runrig
На этой странице вы найдете полный текст песни "Tillidh Mi" от Runrig. Lyrxo предлагает вам самый полный и точный текст этой композиции без лишних отвлекающих факторов. Узнайте все куплеты и припев, чтобы лучше понять любимую песню и насладиться ею в полной мере. Идеально для фанатов и всех, кто ценит качественную музыку.

[Verse 1]
Tha samhradh bliadhn’ eil’ air tighinn
’S cha thog mo ghrian an àird
Mo chasan trom ’s iad ’g iarraidh dhachaigh
’S m’ inntinn dol mun cuairt
Tha mi fallain, tha mi òg
Ach lag ’s mi bàthadh gun do phòg
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
[Verse 2]
Bho àm gu àm bi mis’ a’ coiseachd
Nam ònrachd sìos an t-sràid
Mi smuaineachadh air abhainn fhada
Tha laighe fad’ bhon rathad
’S i gu bhi làn le bric a’ snàmh
’S tachas daingeann na mo làimh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
[Chorus]
Tillidh mi dhachaigh, tillidh mi dhachaigh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
Tillidh mi dhachaigh, tillidh mi dhachaigh
Cha chaidil mi gun till mi do mo ghràidh
[Verse 3]
Nuair a thuiteas oidhche orm
’S e ’n t-àm as miosa a th’ ann
Mise laighe na mo leabaidh
’S tusa na mo cheann
Cha bhiodh an samhradh cheart cho doirbh
’S tu nad shìneadh ri mo thaobh

Комментарии (0)
Минимальная длина комментария — 50 символов.